Directory

Castilla-La Mancha - Uicipeid Jump to content

Castilla-La Mancha

O Uicipeid

'S e fear de mòr-roinnean na Spàinne a tha ann Castilla la Mancha (IPA: kas'tiʎa la 'mantʃa). Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha, ri taobh na Madrid. Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann an Ciudad Real.[1] ‘S e Toledo prìomh-bhaile na Roinne. 'S e Castilla la Mancha an treas ceàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 79,463 cilemeatair ceàrnagach, 15.7% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2009 bha 2,098,373 duine de shluagh ann,[2] le dlùths aig àireamh 26.4 duine gach km². ‘S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn ann an Castilla La Mancha. Tha i na coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Cortes de Castilla La Mancha. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige.[3] Tha còig sgìrean anns Castilla la Mancha, mar a leanas:

Sgìre Prìomh-bhaile Àireamh-shluaigh Dlùths
Albacete Albacete 401,682 14,926 km²
Ciudad Real Ciudad Real 515,529 19,813 km²
Cuenca Cuenca 217,716 17,141 km²
Guadalajara Guadalajara 251,563 12,167 km²
Toledo Toledo 697,959 15,370 km²

Ceangal a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. El Mundo
  2. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  3. Cortes de Castilla La Mancha